Help us improve this site

Just answer 7 quick questions - you'll be done in under 3 minutes.

Take the survey.

DICF - Teagasg Bunsgoile sa Ghàidhlig agus UhI

main content

DICF - Teagasg Bunsgoile sa Ghàidhlig agus UhI


Ceumnaich, luchd-labhairt na Gàidhlig, agus luchd-teagaisg a tha a' sireadh slighe eadar-dhealaichte nan dreuchd

  • Ionnsaichibh air cùrsa a chaidh a dhealbh airson ur cuideachadh gus beàrn sgilean a lìonadh
  • Togaibh air ur sgilean Gàidhlig agus Teicneòlas Fiosrachaidh, cuide ris na sgilean teagaisg agaibh
  • Cuidichibh gus àm ri teachd nas fallaine a thoirt don Ghàidhlig

An cùrsa

Tha an t-slighe Teagasg Bunsgoile DICF le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a lìbhrigeadh ann an compàirteachas eadar Institiùd Mìle Bliadhna na Gàidhealtachd is nan Eilean (OGE) agus Oilthigh Shrath Chluaidh. 'S e cùrsa a tha air a theagasg airson 36 seachdainean agus a dh'uidheamaicheas sibh airson beatha mar neach-teagaisg a tha san (DICF) Diploma Iar-Cheumnach ann am Foghlam (Bunsgoil).

Ann a bhith a' gabhail na slighe airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, bidh cothrom aig ceumnaich gus compàirt a ghabhail ann an ath-nuadhachadh na Gàidhlig. Bidh iadsan a chrìochnaicheas an cùrsa gu soirbheachail barantaichte gus teagasg an dà chuid tro mheadhan na Beurla agus tro mheadhan na Gàidhlig. Aig a' cheart àm tha cruaidh fheum aig foghlam ann an Alba air luchd-teagaisg Gàidhlig a tha barantaichte agus sgileil. Bheir an cùrsa luachmhor seo fìor chothrom do cheumnaich gus aon de na grunn dhreuchdan bàna a tha a' tighinn am bàrr air feadh na h-Alba a lìonadh.

Tha an DICF a' tairgse cothrom air leth gus eòlas fhaighinn air teagsg ann an seòmerichean-teagaisg, aig an aon àm a' togail air ur misneachd 's air ur tuigse de mhodhan teagaisg agus air ur sgilean Gàidhlig.

Thathar a' teagasg mhodalan sònraichte do dh'oileanaich tro mheadhan na Gàidhlig, agus cuid eile tro mheadhan na Beurla, agus thèid iad air greisean-teagaisg ann an sgoiltean far am bi a' Ghàidhlig air a bruidhinn. Bidh iad cuideachd a' meòmhrachadh mhodalan a tha air an dealbhachadh gus leasachadh a thoirt air na sgilean TF a dh'fheumaiste airson a bhith an sàs gu h-èifeachdach ann am foghlam san 21 linn.